Feedback from Ofcom re: radio licensing

ZuidWester

Member
Joined
9 Mar 2004
Messages
345
Location
Maastricht
Visit site
Expect news of this in June. See below:

Consultation on a proposal to reform to ship radio licensing

Thank you for your valued response of 22 February 2005 to our consultation on the reform of ship radio licensing. Your response will be carefully considered in the consultation process.

However, Ofcom intends to publish a statement by the end of June 2005, which will be available on our website:

www.ofcom.org.uk

Yours sincerely

Susan Choi
 

catmandoo

Active member
Joined
21 Aug 2003
Messages
1,803
Location
The Earth but normally in the place of the high st
Visit site
Sorry could not get past following

Ofcom a' cur buill ura air bord Seirbheis nam Meadhanan Gaidhlig


Tha dà bhall ùr air an suidheachadh air bòrd Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS), dh'fhoillsich Ofcom an-diugh (10 Màrt 2005).

Thòisich na dreuchdan sin, a dh'fheumas aonta bho Rùnaire na Stàite airson Alba, bho 1 Gearran 2005 agus mairidh iad airson ceithir bliadhna. Tha seo a' toirt buill bòrd GMS suas chun na h-àireimh shuidhichte de 12 a' gabhail a-staigh an Cathraiche, Niall Friseal.

’S iad an dà bhall ùr, a tha le chèile fileanta sa Ghàidhlig, mar a leanas:

Tha Dòmhnall Caimbeul (40) an-dràsta na Stiùiriche Seirbheisean Cìse aig Ernst and Young LLP le dleastanas comhairleachaidh a' gabhail a-staigh 250 companaidhean FTSE an Alba agus san RA agus pròiseactan com-pàirteachais poblach-prìobhaideach air feadh na RA. Roimhe seo b' e an neach-comhairleachaidh cìse aig Baker Tilly agus an neach-comhairleachaidh ionmhais aig Guardian Royal Exchange an Glaschu far an robh e a' toirt comhairle air gnothaichean cìse agus ionmhais RA agus eadar-nàiseanta. Rugadh Dòmhnall an Uibhist a Deas agus bha e roimhe seo na Shagart ann an Sgìre-easbaig Earra-Ghàidheal is nan Eilean.

Rugadh Dòmhnall MacAoidh (58) an Uibhist a Tuath agus thogadh e san Eilean Sgitheanach. Tha e na neach-cunntais clàraichte agus na stiùiriche aig AUPEC Ltd, companaidh neo-eisimeileach de luchd-comhairleachaidh eaconamach airson stuthan agus seirbheisean eaconamach a lìobhraigeadh gu companaidhean agus luchd-dèiligidh air feadh an t-saoghail. Tha mòran eòlais aige mar stiùiriche, manaidsear agus neach-rianachd agus tha e air mòran fhiosrachaidh aige mu eaconamas, ionmhas corporra agus stiùireadh san fharsaingeachd aig ìre eadar-nàiseanta. Bha Dòmhnall na phàirt de Bhuidheann-gnìomha Mhic a' Phearsain a bha a’ deanamh sgrùdaidh air na h-ullachaidhean agus an structair taic poblach do bhuidhnean Gàidhlig, agus bha e na bhall de Bhuidheann Comhairleachaidh an Riaghaltais air Gàidhlig.

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) ag obair còmhla ri craoladairean gus dèanamh cinnteach gum bi deagh phrògraman Gàidhlig rim faotainn a' cleachdadh seirbheisean craolaidh agus nam meadhan ùra.

Fios do luchd-naidheachd

Fo Achd Conaltraidh 2003 feumaidh Ofcom dèanamh cinnteach gum bi buill air a' bhòrd bhon BhBC, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig. A thuilleadh air sin tha uallach air Ofcom airson dèanamh cinnteach gu bheil ùidhean na leanas air an riochdachadh gu cothromach sa bhallrachd: luchd-ceadachd Sianal 3 an Alba; gnìomhachasan riochdachaidh telebhisein agus rèidio neo-eisimeileach an Alba; agus daoine is buidhnean eile co-cheangailte ri adhartachadh agus cleachdadh na Gàidhlig, foghlam sa Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig. Feumaidh na dreuchdan aonta Rùnaire na Stàite airson Alba.
’S e raon-dleastanais Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a bhith a' dèanamh cinnteach gum bi taghadh farsaing agus measgaichte de dheagh phrògraman sa Ghàidhlig craolta no sgaoilte air dhòigh eile gus am bi iad rim faotainn le daoine an Alba. Tha GMS ag obair còmhla ri craoladairean rèidio is telebhisein san t-seirbheis phoblach gus am faighear ìre iomchaidh de phrògraman Gàidhlig air na seirbheisean aca, agus tha ùghdarras air a thoirt dhaibh cuideachd a bhith ag ullachadh nan seirbheisean aca fhèin. Gus seo a choileanadh, ghabh iad a-nall dleastanasan Comataidh Craolaidh Gàidhlig (CCG) airson rianachd maoin craolaidh na Gàidhlig. Tha Cathraiche GMS na bhall de Chomataidh Comhairleachaidh Ofcom airson Alba.
Tha Gàidhlig aig a h-uile ball de GMS.
’S e Ofcom an riaghlaiche airson gnìomhachasan conaltraidh na RA, le uallaichean thairis air seirbheisean telebhisean, rèidio, tele-chonaltradh agus conaltradh wireless. Tha Ofcom ann gus cur ri com-pàirt saoranaich-cleachdaichean mar a tha na gnìomhachasan conaltraidh a' dol a-steach don linn dhigiteach.
 
Top